
Sedna
Le P.B. Phillips
‘Sedna. Bi nad mhaighstir fhèin’, thuirt a màthair,
‘Sùgh an deoch seo agus taghaidh tu cò agus cuin a phòsas tu’.
‘Na leig le d’ athair duine a sparradh ort.’
Ghabh Sedna faclan a màthar gu cridhe, agus mhionnaich i fuireach glan agus saor.
‘Nì thu mar a dh’àithneas mise’ b’ e facal a h-athar an lagh.
Ach ghoid Sedna currach agus chaidh i fada bhon chladach.
Ghairm an t-athair olc air na Dèithean, gus stoirm mhòr a thoirt gu buil.
Bha Sedna fo eagal agus sgìth, agus chaidh a reubadh às a bàta.
A’ greimeachadh airson a beatha, a’ cumail cho teann ’s a b’ urrainn dhi.
Chaidh a corragan a reubadh air falbh agus shleamhnaich i fon uisge.
Le draoidheachd, thàinig corragan Sedna gu bhith nan uilebheistean na doimhneachd.
Dh’fhàs a feirg an aghaidh a’ chinne-daonna agus cha do chadal i a-riamh.